
Mion-chànanan agus Cànanan Dùthchasach
Pŕomh Rianachd – A’ Chuimrigh
Tha roinn Comhairle Bhreatainn-Èirinn pailt ann an dualchas cànain. Tha na
buill gu lèir ag iarraidh gach buannachd fhaighinn bho iomadachd cànain
tro bhith a’ co-obrachadh, a’ co-roinn nan ḍighean-obrach as fheàrr, a’
sgaoileadh fiosrachaidh agus stuthan agus ag ionnsachadh bho chàch a
chèile ann an diofar roinnean.
Chaidh Mion-chànanan agus Cànanan Dùthchasach a chur ri roinnean obrach
Comhairle Bhreatainn-Èirinn aig an àrd-choinneamh an Jersey ann an 2002.
Choinnich Ministearan ann an Gaillimh san Dàmhair 2006 airson beachdachadh
air adhartas ann an tŕ roinnean: toirt seachad eadar-ghinealach cànain
taobh a-staigh na teaghlaich, solar foghlam inbheach, agus ICT airson
Mion-chànanan agus Cànanan Dùthchasach.
Communiqué
Thathar a’ tuigsinn gu bheil toirt seachad eadar-ghinealach cànain na
bhloca togail ro-chudromach ann an gleidheadh cànain. Bha bùth-obrach
airson cleachdaichean a tha ag obair ann an raon toirt seachad
eadar-ghinealach cànain san teaghlach air a cumail san Dàmhair 2006.
Tha obair a’ dol air adhart san raon seo gus grunn nithean a rannsachadh:
modailean de na nithean a dh’obraicheas airson taic do thoirt seachad
eadar-ghinealach cànain san teaghlach; mar a dh’fhaodadh modailean a bhith
air an gluasad gu suidhichidhean cànain eile; agus comharrachadh beàrnan
ann an ẹlas; agus ciamar a dh’fhaodadh gach rianachd BIC obrachadh c̣mhla
gus na beàrnan sin a ĺonadh.
Tha leasachaidhean o chionn ghoirid ann an goireasan ICT ga dhèanamh nas
fhasa mion-chànanan a chleachdadh agus ag àrdachadh an inbhe. Chaidh
fo-bhuidheann de ẹlaichean a stèidheachadh airson obair san roinn seo a
ghluasad air adhart. Bidh co-labhairt do ẹlaichean a tha ag obair ann an
ICT agus mion-chànanan air a cumail an Cardiff san t-Samhain 2007.
Bidh bùth-obrach do chleachdaichean san t-Samhain 2007 cuideachd gus
rannsachadh a dhèanamh air cothroman co-obrachaidh eadar gach rianachd ann
an roinn foghlam inbheach.
Bidh rianachd a’ cur cudrom air roinnean ùra mar phàirt den phṛgram
obrach làthaireach: dealbhadh agus cuid de chùisean agus rannsachadh a
bhuineas do chànan; reachdas; agus dàta agus sgrùdaidhean air cleachdadh
cànain.
B’ e Mion-chànanan agus Cànanan Dùthchasach pŕomh chuspair na C̣igeamh
Àrd-choinneamh Bhreatainn-Èirinn, a bha ann an Cardiff san t-Samhain 2003.
Communiqué
Tha an duilleag seo ri faotainn anns na cànanan a leanas cuideachd:
Cuimris/Cymraeg/The Welsh Language
Gàidhlig Mhanainneach/Gaelg / The Manx Language
Gàidhlig/Gaidhlig / Gaelic in Scotland
Gaeilge/An Ghaeilge/ The Irish Language
Fraingis Guernsey/Guernesiais/Guernsey-French
Fraingis Jersey/Jèrriais / The Jersey Language
Albannais Uladh/Ulstèr-Scotch / The Ulster
Scots Language
|